A-muigh air a’ bhlàr gun dragh a chur air an fhiadh-bheatha

’S tric a chì thu fiadh-bheatha mhìorbhaileach nuair a bhios tu air a’ bhlàr a-muigh ann an Alba ach tha e ro fhurasta a dhol ro fhaisg air.

Mìnichidh an treòir seo dhut dè tha “dragh air fiadh-bheatha” a’ ciallachadh, mar a dhìonas tu beathaichean fiadhaich na h-Alba nuair a bhios tu a-muigh air a’ bhlàr agus mar a ghlèidheas tu spèiseasan a th’ ann an cunnart is làraichean cugallach is tu a’ leantainn Còd Slighean Dùthchail na h-Alba.

Dè th’ ann an dragh air fiadh-bheatha?

Ma nì sinn rud a dh’fhàgas eagal air beathach is e airson teicheadh uainn ri linn sin no ma chuireas sin giùlan eile air, canar gu bheil sinn a’ cur dragh air an fhiadh-bheatha. Mar eisimpleir, ealtainn eun ag itealaich air falbh uainn, ròin a bh’ air tràigh a’ teicheadh nan deann dhan mhuir no dòbhrain a’ sgur dhen a bhith a’ lorg biadh.

Ge-tà, faodaidh gu bheil sinn a’ cur dragh air beathach mur eil e a’ coimhead oirnn le a dhà shùil is for aige dhuinn.

Tachraidh gun cuir sinn dragh air fiadh-bheatha fiù mur eil beathach an làthair – can ma chuireas sinn cas ann an nead gun fhiosta. 

tufted ducks in water
Full description of this image found below

Cuideachd, ma thèid thu ro fhaisg air fiadh-bheatha nuair a bhios tu air a’ bhlàr a-muigh, dh’fhaoidte gun cuir thu thu fhèin is daoine eile ann an cunnart oir fàsaidh cuid a bheathaichean ionnsaigheach nuair a bhios iad dhen bheachd gu bheilear a’ maoidheadh orra. Mar eisimpleir, ma leigeas tu le do chù ruith a dh’ionnsaigh ròin air a’ chladach, dh’fhaoidte gum bìd iad e agus gun tèid do leòn fhèin ma thèid thu fhèin eatarra.

Tha e cudromach cuideachd cumail nad chuimhne gu bheil cuid a ghiùlan gun chùram mu choinneamh fiadh-bheatha na eucoir fon lagh.

Cuirear dragh air fiadh-bheatha mar is trice gun fhiosta ’s sinne air a’ bhlàr a-muigh. Ach gu fortanach tha rudan ann as urrainn dhuinn dèanamh airson taic a chumail riutha le bhith a’ leantainn nan gliocasan gu h-ìosal agus Còd Slighean Dùthchail na h-Alba. 

Carson a tha seo na adhbhar dragha?

Tha rannsachadh ag innse dhuinn gu bheil barrachd air 400 spèiseas air crìonadh 15% ann an iomadachd chuibheasach o 1994, agus leis a sin, feumaidh sinn uile ar dìcheall a dhèanamh airson taic a chumail ris na beathaichean againn ach am mair iad beò is ach an soirbhich iad, agus b’ fheàirrde iad nas lugha de dhragh orra am measg rudan eile.

Ma chuireas tu eun gu itealaich, ’s dòcha nach eil sin gu diofar nad shùilean-sa ach nuair a theicheas eun uat, bidh e a’ cosg lùthas luachmhor agus dh’fhaoidte gun dèan e cron air fhèin ri linn. No dh’fhaoidte gun trèig e nead no iseanan ri linn. Agus ged a bhios tu fhèin dhen bheachd nach eil buaidh mhòr aig na nì thu fhèin, dh’fhaoidte gun robh daoine eile san aon sgìre dìreach romhad fhèin. Ma thèid dragh is ath dhragh a chur orra, fàgaidh sin fo uallach gun adhbhar iad, gu sònraichte nuair a bhios iad ri briodadh no nuair a bhios an aimsir fuar. 

Grey seal pup on sand at Tentsmuir NNR, Forth and Borders Area

Gràinnean-mullaich nan gliocasan airson beathaichean fiadhaich na h-Alba a dhìon

Don't allow your dog to approach animals or people uninvited. Don't linger if wildlife is disturbed by your presence.
A description of this image can be found below.
Dogs can frighten flocks of birds on the beach. If in doubt use a lead and give a wide berth.
Take care not to disturb wildlife on riverbanks and shores. Know the Code. Image of swimmer, paddleboarder and ground nesting bird
  • Cho luath ’s a chì thu fiadh-bheatha, cnuasaich an suidheachadh. Dè tha na beathaichean ris? Càit a bheil iad a’ dol? Ciamar a thèid mi seachad orra gun dragh a chur orra?
  • Coimhead air fiadh-bheatha o dheagh astar an-còmhnaidh agus fàs eòlach air na comharran a dh’innseas gu bheil dragh orra (can nuair a thogas iad an cinn, gairmean èiginn, grad-ghluasadan no giùlan ionnsaigheach) airson ’s gum bi fios agad cuin a bhios droch bhuaidh aig do làthaireachd. Na bi fada gun ghluasad air falbh ma chì thu giùlan mar seo.
  • Ma tha agad ri dhol seachad air fiadh-bheatha gu math dlùth, falbh gu slaodach is gu cùramach. Dèan cinnteach gun gluais thu air dòigh stòlda ’s chunbhalach agus na dèan calg-dhìreach orra.
  • Gluais air falbh o fhiadh-bheatha cho sàmhach ’s cùramach ’s urrainn dhut – bu chòir dhut gluasad air falbh a cheart cho cùramach ’s a thàinig thu am fagas orra.
  • Faodaidh fiù cù air a dheagh oilean eagal a chur air fiadh-bheatha ’s e ri rùrachadh an fhearainn. Leis a sin, b’ fheàirrde dhut do charaid cheithir-chasach a chumail nad shealladh (ach am faic thu na tha iad ris) – no air taod – mur eil thu cinnteach a bheil beathaichean am fagas. Mar eisimpleir, dh’fhaoidte nach fhaic thusa fiadh sa choille no maighichean gan crùbadh air achadh ach bidh fios aig do chù ’s fàileadh dhiubh.
    • Tha e gu sònraichte cudromach do chù a chumail faisg ort nuair a bhios eun a’ neadachadh air an talamh ’s a’ togail àl – eadar an Giblean is an t-Iuchar mar is trice – ann an àitichean mar mhòinteach, coilltean, talamh-feòir, cladach lochan is na mara.
    • Dh’fhaoidte gu bheil e na chùis gun chron nad shùilean a bhith a’ leigeil le do chù fiadh-bheatha a ruith ach cuiridh seo uallach anabarrach mòr air a’ bheathach agus dh’fhaoidte gun èirich tubaiste ri linn, can ma ruitheas fiadh thairis air rathad a tha am fagas is e airson teicheadh. 
  • Fan air slighean ma bhios gin ann – an dà chuid airson ’s nach dèan thu cron air bith-àrainnean nàdarra chugallach agus airson ’s nach cuir thu dragh air beathaichean is nid a tha san fheur fhada no am falach air làr na coille.
  • Nuair a bhios tu air an uisge, thoir an aire nuair a thèid thu a-steach is a-mach agus seachain raointean far a bheil casg air pleadhagachadh a dhìon nan eun a tha a’ neadachadh aig beul lochan is aibhnichean. Thoir an aire gu sònraichte nuair a bhios tu a’ dol seachad air eilean no a’ landadh air eilean, oir tha iad nan deagh thèarmannan dhan fhiadh-bheatha a ghnàth.
  • Lean ri comhairle no sanasan ionadail sam bith airson ’s nach cuir thu dragh air an fhiadh-bheatha. Dh’fhaoidte gum bi fiosrachadh air sanasan mar sin a dh’innseas dhut mar a chì thu cuid dha na beathaichean èalaidheach agus is fhiach an leughadh.
  • Thoir an sgudal agad leat airson ’s nach dèan e cron air an fhiadh-bheatha.  

Tha pailteas stiùiridh ri fhaighinn a dh’innseas dhut mar a sheachaineas tu dragh air an fhiadh-bheatha a rèir na bhios tu ris.

Photo of a coot standing on one leg with its beak open
Dog on a walk surrounded by autumnal leaves on the ground.
Brown hare. ©Brian Slone/SNH. For information on reproduction rights contact the Scottish Natural Heritage Image Library on Tel. 01738 444177 or www.nature.scot
Bird watching from boat, Bullers of Buchan, Grampian.

Spèiseasan fo dhìon is làraichean cugallach

Tha tèarmainn nàdair agus raointean glèidhteachais eile nan àitichean air leth airson an nàdar a rùrachadh is a dhol na shàs ach cuimhnich gu bheilear gan stiùireadh gu cùramach airson glèidhteachas is dìon nam beathaichean is lusan ainneamh ann. 

A rèir na bhios tu ris, dh’fhaoidte gun iarrar ort slighe àraidh a leantainn no raon àraidh a sheachnadh. Mar eisimpleir, dh’fhaoidte gun iarrar ort gun a bhith a’ coiseachd air tràigh far a bheil eun a’ neadachadh no gun a bhith a’ sreap bearradh àraidh no àite àraidh air bearradh rè na ràithe briodaidh. Ma leanas tu stiùireadh ionadail mar sin, is urrainn dhuinn an fhiadh-bheatha a th’ ann an cunnart mòr agus làraichean cugallach ann an Alba a dhìon còmhla.

Norrie Russell, Forsinard Flows RSPB Site Manager checking for black throated divers. ©Lorne Gill/SNH/2020VISION. For information on reproduction rights contact the Scottish Natural Heritage Image Library on Tel. 01738 444177 or www.nature.scot

Comhairle do stiùirichean fearainn 

  • Thoir seachad fiosrachadh (can sanasan) a dh’innseas dè cho cudromach ’s a tha an làrach agus na slighean as fheàrr a leanas daoine airson ’s nach dèan iad cron ro-mhòr agus airson ’s nach cuir iad dragh air an fhiadh-bheatha agus airson fiosrachadh mun fhiadh-bheatha a sgaoileadh. 
    • Cuimhnich gun toir thu air falbh sanasan sealach a chomharraicheas na h-àitichean so-mhillte rè na ràithe briodaidh no a dh’innseas slighean eile mun cuairt air àite mur eil feum orra tuilleadh.
  • Mas urrainn, cuir an sàs deagh shlighean far an coisich daoine.
  • Ma tha thu dhen bheachd gu bheil an cead-inntrigidh ag adhbharachadh cron air fiadh-bheatha air an fhearann agad, tog do ghuth air fòram ionadail a’ chead-inntrigidh no bruidhinn ri oifigear a’ chead-inntrigidh.

Chruthaich fòram nàiseanta a’ chead-inntrigidh stiùireadh mu dheidhinn stiùireadh cead-inntrigidh a’ phobaill ann an àitichean le fiadh-bheatha chugallach ann an Alba. Tha na prionnsabalan san stiùireadh seo fhèin feumail ann an iomadh suidheachadh far a bheilear ri glèidhteachas nàdair.